Cearcal a’ Chuain lyrics
by Runrig
[Verse 1]
Tha sinn uile air cuan
Stiùireadh cuairt tro ar beatha
A’ seòladh geòla dorch’
Air chall an grèim na mara
Tha a’ ghaoth air ar cùl
Tha a’ gheòl a’ c*mail roimhe
’S cha dèan uair no an cuan
Toinisg dhuinn no rian
[Verse 2]
A’ mhuir tha i ciùin
Tha i fiadhaich tha i farsainn
Tha i àlainn tha i dìomhair
Tha i gamhlasach is domhain
Ò ach sin, tha sinn dall
’S chan eil againn ach beatha
Tog an seòl, tog an ràmh
Gus an fhaigh sinn astar ann
[Verse 3]
Tha mi ’n dùil, tha mi ’n dùil
Nuair a bhios a’ ghrian dol fodha
Chì iad mi a’ stiùireadh ’n iar
Null a dh’Uibhist air a’ chearcall
Ò, cearcall a’ chuain
Gu bràth bidh i a’ tionndaidh
Leam gu machair geal an iar
Far an do thòisich an là