Murt na Ceapaich lyrics

by

Julie Fowlis


Dh'èirich mise moch
Didòmhnaich
Horò na haoilearain oro
Shuidh mi air an tulaich bhòidhich
Fàth mo lionn-dubh ò chòin!
Daingeann a bhuail iad as gach taobh sibh
Bhràithrean mo ghaoil-se, ò chòin!
'S leig mi air an tuireadh bhrònach
Horò na haoilearain oro

Chunna mi taigh m' athair gun chòmhla
Fàth mo lionn-dubh ò chòin!
Daingeann a bhuail iad as gach taobh sibh
Bhràithrean mo ghaoil-se, ò chòin!
Gun smùid, gun deathaich, gun cheò dheth
Horò na haoilearain oro

Dh'fhosgail mi doras ur seòmair
Fàth mo lionn-dubh ò chòin!
Daingeann a bhuail iad as gach taobh sibh
Bhràithrean mo ghaoil-se, ò chòin!
Thàinig ur fuil tha mo bhrògan
Horò na haoilearain oro

'S teann nach d' òl mi fhìn mo leò dhi
Fàth mo lionn-dubh ò chòin!
Daingeann a bhuail iad as gach taobh sibh
Bhràithrean mo ghaoil-se, ò chòin!
'S i fuil Alastair a leòn mo
Horò na haoilearain oro
Is fuil Raghnaill an duin' a b' òige
Fàth mo lionn-dubh ò chòin!
Daingeann a bhuail iad as gach taobh sibh
Bhràithrean mo ghaoil-se, ò chòin!

Dìol na muice duibhe, dòighte
Horò na haoilearain oro
Air gach aon a bha mun fheòlach
Fàth mo lionn-dubh ò chòin!
Daingeann a bhuail iad as gach taobh sibh
Bhràithrean mo ghaoil-se, ò chòin!

Rhoir fios uamsa gu MacDhòmhnaill
Horò na haoilearain oro
Mac 'ic Alastair Chnòideart
Fàth mo lionn-dubh ò chòin!
Daingeann a bhuail iad as gach taobh sibh
Bhràithrеan mo ghaoil-se, ò chòin!

'S gu Mac 'ic Ailein on mhòr-chuan
Horò na haoilearain oro
Tha mi 'n еarbsa Righ na glòire
Fàth mo lionn-dubh ò chòin!
Daingeann a bhuail iad as gach taobh sibh
Bhràithrean mo ghaoil-se, ò chòin!
Gun toir sibh dhachaigh an tòrachd
Horò na haoilearain oro
Càirdean dhuibh fhèin, bràithrean dhomhs' iad
Fàth mo lionn-dubh ò chòin!
Daingeann a bhuail iad as gach taobh sibh
Bhràithrean mo ghaoil-se, ò chòin!
Daingeann a bhuail iad as gach taobh sibh
Bhràithrean mo ghaoil-se, ò chòin!
A B C D E F G H I J K L M N O P Q R S T U V W X Y Z #
Copyright © 2012 - 2021 BeeLyrics.Net